Inbhir Èireann

Inbhir Èireann

Dearbh-aithne: QZP99_94052_09_12 TUAIRISGEUL: 'S e Inbhir Èireann baile beag ann an sgìre Mhoireibh, air taobh sear bàgh gainmhich Inbhir Èireann. Bha baile Inbhir Èireann a bh' ann an toiseach na laighe mìle dhan iar thuath air làrach an là an-diugh. Chaidh am baile a th' ann an-diugh a stèidheachadh aig deireadh an t-seachdamh is toiseach an ochdamh linn deug nuair a thug a' mhuir buaidh air an t-seann bhaile. 'S e a' phrìomh phort a bh' aig Moireibh san t-seachdamh linn deug, agus bha e na mheadhan do ghnìomhachas iasgaich meadhanach mòr eadar an t-ochdamh deug is tràth san naoidheamh linn deug. B' e Inbhir Èireann ceann-uidhe meur loidhne ghoirid anns an robh 3 mìle de dh'fhad à Cinn Lois a bha ag obrachadh bho 16 An Giblean 1860 gu 1 An Gearrann 1962. Tha Urras Inbhir Èireann deas air baile Inbhir Èireann. Air a chur air bhonn sna 1960an, 's e an t-Urras comann le foghlam spioradail aig a' mheadhan, agus tha eag-bhaile air fàs ri a thaobh. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Inbhir Èireann SIORRACHD/PARRAIST: MOIREIBH NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38665 KEYWORDS_GAELIC: