Dearbh-aithne:QZP99_94052_11_05TUAIRISGEUL:Sealladh de Bhàgh a' Chaisteil, le Caisteal Chiosmuil ris a' chùlaibh. 'S e Bàgh a' Chaisteil am prìomh bhaile air Eilean Bharraigh. 'S ann aig clann 'ic Nèill a bha Barraigh eadar 1427 is 1838, nuair a thàinig orra a reic ri Còirneal Gòrdan à Cluanaidh. Dh'fhuadaich esan a' mhòr-chuid den t-sluagh on eilean ach, an dèidh dha bàsachadh ann an 1856, thàinig am baile gu bhith na àite cudromach airson gnìomhachas an sgadain. Bha mu 400 bàta stèidhichte ann am Bàgh a' Chaisteil is bha goireasan glanaidh, grèidhidh is saillidh ann cuideachd.
Ann an 1937, cheannaich Raibeart MacNèill, Ameireaganach a bh' air aithneachadh mar 45mh Ceannard den Chlann 'ic Nèill, a' mhòr-chuid den fhearann a chaidh a reic ri Còirneal Gòrdan air ais. Thog e às ùr Caisteal Chiosmuil, seann daingneachd Chlann 'ic Nèill air eilean beag creagach sa bhàgh. Thug a mhac, Iain, an caisteal do dh'Alba Eachraidheil ann an 2000 air màl £1 is botal uisge-bheatha gach bliadhna.
Tha an tasglann as motha de sheallaidhean-tìre dubh is geal le James Valentine & Co air a chumail ann an Leabharlann Oilthigh Chill Rimhinn.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:Bàgh a' ChaisteilSGÌRE:BarraighSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: BarraighCREATOR (AV):J Valentine & Co.DEIT:1909LINN:1900anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38679KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath