Srannda, Ceann a  Deas na Hearadh

Srannda, Ceann a Deas na Hearadh

Dearbh-aithne: QZP99_94130_07_07 TUAIRISGEUL: Taigh-dubh ann an Srannda anns na Hearadh. Tha Srannda na bhaile beag ann an ceann a deas na Hearadh. Bha e uair na thuathanas ach chaidh croitean a dhèanamh dheth anns na 1830an agus bha 57 teaghlaichean a' fuireach ann ann an 1841. Mhothaich Ban-iarla an Dùn Mhòir dha na sàr-sgilean figheadaireachd a bha aig dithis pheathraichean à Srannda agus thòisich gnìomhachas a' Chlò Mhòir (Clò na Hearadh) mar thoradh air a seo. Chum Srannda a' fàs mar thoradh air iasgach cuideachd. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Srannda SGÌRE: Na Hearadh SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Na Hearadh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38706 KEYWORDS_GAELIC: