Scarp, Na Hearadh

Scarp, Na Hearadh

Dearbh-aithne: QZP99_94130_09_12 TUAIRISGEUL: Taighean-tughaidh air Scarp, eilean air taobh siar Na Hearadh, fa chomhair Hùisinis. Tha Caolas Scairp eadar Scarp is Na Hearadh. Mu 1810, chaidh am fearann a roinneadh is 8 croitean a dhèanamh, is chaidh 16 a dhèanamh a-rithist. Mar a bha am fearann aca a' lùghdachadh, bha na daoine a' fàs nas eisimeil air a' mhuir. Tha cunntas-sluaigh 1881 a' sealltainn gun robh mu 200 duine a' fuireach san eilean, ach lùghdaich seo san 20mh linn. Dhùin an sgoil ann an 1967 is Oifis a' Phuist ann an 1969. Dh'fhalbh an dà theaghlach mu dheireadh ann an 1971, bliadhna an dèidh dhan riaghaltas cidheachan ùra a thogail air an eilean is ann an Hùisinis. Bha na sruthan-mara làidir ann an Caolas Scairp a' ciallachadh nach fhaighear tarsainn uaireannan. Bha neach-saidheans rocaid Gearmailteach, Gerhard Zucher, airson dearbhadh gum faighear air rocaidean an cleachdadh ann an àitean iomallach. Ann an 1934 dh'fheuch e ri post a chuir gu Scarp le rocaid. Spreadh an rocaid air a' chladach is chaidh am post a mhilleadh. Chaidh a chruinneachadh is a lìbhrigeadh anns an dòigh àbhaisteach. Bha e soirbheachail le deuchainn a rinn e a-rithist, ach cha robh ùidh sa phròiseact an uairsin is thill Zucher dhan Ghearmailt. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Scarp SGÌRE: Na Hearadh SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Na Hearadh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38720 KEYWORDS_GAELIC: