Dearbh-aithne:QZP99_94157_04_04TUAIRISGEUL:Sgeidse de dh'eisimpleir Sheann-taigh no Taigh-dubh àbhaisteach air a' Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan Siar.
Bha taighean-dubha cumanta air feadh Gaidhealtachd is Eileanan Siar na h-Alba. Bha iad fada is caol le ballachan a-muigh is a-staigh de chlachan gun chrèadh-aoil. Bha oiseanan an taighe cruinn. Bha ùir is mòine gan cur dhan bheàrn eadar an dà bhalla. Bha tughadh air na taighean agus mar as trice cha robh similear orra. Chaidh an t-ainm 'taigh-dubh' a thoirt orra gus sgaradh a dhèanamh eatorra is na taighean air an còmhdach le aol-uisge - air an robh 'taighean-geala' - a chaidh a thogail bho mheadhan an 19mh linn. 'S dòcha gur e taigh-dubh air a leasachadh a tha seo, oir tha uinneagan air.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:Neo-iomchaidhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38764KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath