Taigh-tughaidh is mòine, Port Nis, Leòdhas

Taigh-tughaidh is mòine, Port Nis, Leòdhas

Dearbh-aithne: QZP99_94157_05_06 TUAIRISGEUL: Bha taighean-tughaidh cumanta air feadh Gaidhealtachd is Eileanan Siar Alba. Bha na taighean fada is cumhang, le balla a-staigh is a-muigh de chlachan gun chrèadh-aoil. Bha ùir is mòine eadar an dà bhalla. Bha tughadh orra an còmhnaidh. Bha e air uachdar frèam fiodh air a' bhalla a-staigh. Bha seo a' ciallachadh gun robh leac air mullach a' bhalla air an taobh a-muigh. Cha robh similear annta an còmhnaidh is bha an seann tughadh a bha air a rèisgeadh le ceò na mòna math na thodhar. Bha an teaghlach a' fuireach ann an aon cheann den taigh is na beathaichean sa cheann eile. Chan ann on cheò am broinn an taigh a thàinig an t-ainm 'taigh-dubh'. Bha an t-ainm air a chleachdadh a chum sgaradh a dhèanamh eadar na seann taighean is na taighean ùra a bhathar a' togail aig deireadh an 19mh linn. Bha na taighean ùra air an còmdhach le uisge-aoil, is 's e 'taighean geala' a bh'aca orra. Tha cruach-mòna an taobh a-muigh an taigh san dealbh seo. Bha mòine air a chleachadh mar chonnadh air feadh na h-Eileanan Siar. Bha e air a bhuain o phuill-mòna is air fhàgail a thioramachadh mus deach a chleachdadh. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Port Nis SGÌRE: Leòdhas SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Barbhas NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38774 KEYWORDS_GAELIC: