An Ros Muileach

An Ros Muileach

Dearbh-aithne: QZP99_94157_06_03 TUAIRISGEUL: Tha an Ros Muileach na shineadh mu 20 mìle don taobh a deas agus an iar air Muile. Tha e a' ruighinn bho bhonn a deas na Beinne Mòire gu ruig Fionnphort. 'S e facal eile sa Ghàidhlig airson 'rubha' a th' ann an 'ros'. Bha tughadh cumanta air mullach thaighean oir bha e aotrom is cha chuireadh e cus cuideim air ballachan an taighe. Cha robh stuaghan no similearan ann an seann taighean a chionn 's gu robh an teine ann am meadhan an làir ach chaidh barrachd thaighean-tughaidh a thogail le stuaghan is similearan nuair a dh'fhàs teallaichean sa bhalla cumanta. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: An Ros Muileach SGÌRE: Muile SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainn NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38781 KEYWORDS_GAELIC: