Taigh-croite le similear tràth, Cille Chuimein

Taigh-croite le similear tràth, Cille Chuimein

Dearbh-aithne: QZP99_94157_07_03 TUAIRISGEUL: Bha tughadh air a' mhòr-chuid de thaighean-croite. Bha tughadh cumanta air mullaichean thaighean seach gun robh e aotrom is cha chuireadh e cus cuideam air ballachan an taighe. Cha robh tulchannan no similearan air na taighean a bu shine, oir bha an teine ann am meadhan an làir. Nuair a thòisich iad a' cur teallaichean dhan bhalla, thòisich iad a' togail shimileirean nan cois. Bha na ciad shimilearan a chaidh an togail air an dèanamh à currag shìmplidh os cionn an teine gus an ceò a stiùireadh a-mach às a' mhullach. Bha iad tric air an dèanamh le cònnlach is ceapan. Bha luidhearan cloiche air an togail anns na ballachan an dèidh seo. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Cille Chuimein SGÌRE: An Àird SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Both Fhleasgainn 's Obar Thairbh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38789 KEYWORDS_GAELIC: