Dearbh-aithne:QZP99_94157_08_06TUAIRISGEUL:'S e 'an Ros Muileach' an t-ainm a th' air a' cheann-tìre a tha na shìneadh o bhonn a deas na Beinne Mòire agus Loch Sriodan gu ruig Fionnphort. Tha e mu 20 mìle a dh' fhaid. Tha grùnn bhailtean nan suidhe air an Ros Mhuileach, nam measg Ceann Loch is Peighinn a' Ghàidheil aig a' cheann an ear. Tha Bun Easain, far an d'fhuair Màiri NicDhòmhnaill grad-smuain a chum an laoidh 'Morning Has Broken' a sgrìobhadh, naoi mìltean à sin. Tha bailtean Ùisgean, Aldalnis, Àird Fìneig is Ceann Tràgha ann cuideachd. 'S e Fionnphort am baile mu dheireadh, far am bheil an t-aiseag a' dol a dh'Ì a' fàgail.
Bha taighean anns a' phàirt seo de dh' Earra-ghàidheal eadar-dhealaichte o thaighean ann an àite eile sa Ghaidhealtachd. Bha cinn nan taighean ceàrnach, na stuaghan cho àrd ri druim a' mhullaich is fiodh a' mhullaich na shuidhe air ballachan na stuaigh. 'S e am prìomh eadar-dhealachadh, ge-tà, gun robh luidhear-simileir anns gach ceann.
Bha fòidean air an cur air frèam an taigh, is tughadh air muin sin. Ann an àitean fosgailte, agus far an robh cinn nan taighean cruinn, bha an tughadh ceangailte le slatan, de challtainn mar as tric, air an cumail an àite le geugan. Air taighean le stuaghan, bha an tughadh air a chrìochnachadh le sreath de cheapan nan laighe air an tughadh aig oir na stuaigh. Bha an tughadh air a chumail sìos le ròpa le clachan mòra ceangailte ris. Far an robh e gu sònraichte gaothach.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:An Ros MuileachSGÌRE:MuileSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainnNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38800KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath