Fionnphort, Muile

Fionnphort, Muile

Dearbh-aithne: QZP99_94157_10_02 TUAIRISGEUL: Tha taigh-tughaidh faisg air Fionnphort. Bha mullach tughaidh steidhichte air fream fiodha a bhiodh na laighe air ballachan a' bhothain. 'S e stuth saor a bh'ann an tughadh airson mullach taighe ach cuideachd bha e aotrom is cha chuireadh e cus cuideam air na ballachan. Bhiodh còmhdach de sgrathan fraoich air a chur air a fream agus còmhdach de thughadh air muin sin. Bhiodh an tughadh air a cheangal sìos le seann lìon no snàth iasgaich air an robh clachan mòra gus cuideam a chumail air. Anns a' mhòr chuid de dh'àiteachan bhiodh mullach-tughaidh air ùrachadh gach bliadhna. Tha similear air a' bhothan anns an dealbh seo ach bha tughadh làn cheò bho thaighean gun similearan air leth math airson todhair. 'S e baile beag air taobh an iar dheas Mhuile a th'ann am Fionnphort (am port de ghainmhich gheal). Tha bàt'-aiseig luchd-siubhail a' seòladh à seo thar Chaolas Idhe. Mu leth mhìle don taobh tuath tha cuaraidh aig Torr Mòr far am faighear clach-ghràin dhearg shònraichte. Ghabhadh seo a sgàineadh ann am blocaichean mòra a bha gun mheang sam bith 's air leth freagarrach airson drochaidean, cidheachan agus ballachan acarsaid a thogail. Bha mòran chuaraidhean ann an sgìrean Asairpoll 's Fionnphort suas gu tràth san fhicheadamh linn nuair a thòisich iad a' crìonadh le farpais bho chuaraidhean ann an Obar Dheathain agus Ceann Phàdraig. Chaidh a' chlach-ghràin seo a chleachdadh ann an togail de Charragh-cuimhne Albert, Drochaid Blackfriars agus Holburn Viaduct ann an Lunnainn, cidheachan Liverpool agus New York, Drochaid Jamaica ann an Glaschu, Talla Cathair-bhaile Manchester agus na taighean-solais Dhuitheartach agus Sgeir Mhòr bharr Mhuile. Faisg air an seo cuideachd tha Eilean nam Ban (eilean nam boireannach). B' ann dhan eilean seo a dh'fhuadaich Colum Cille boireannaich às Eilean Ì. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Muile SGÌRE: Muile SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL CREATOR (AV): I F Grant NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38812 KEYWORDS_GAELIC: