Taighean iasgairean, Ùige

Taighean iasgairean, Ùige

Dearbh-aithne: QZP99_97107_03_01 TUAIRISGEUL: Taighean-croite nan iasgairean ann an Ùige, An t-Eilean Sgitheanach. Tha e na phàirt den chruinneachadh aig an Dotair I. F. Grannd, a' sealltainn beatha air a' Ghaidhealtachd anmoch san 19mh is tràth san 20mh linn. 'S e Ùige am baile as motha air rubhaThrondairnis san Eilean Sgitheanach. Tha an t-ainm a' tighinn on Lochlannais airson 'bàgh', is tha e timcheall air Bàgh Ùige. Tha na h-aibhnichean Rà is Connain a' ruith tro Ùige. Chaidh cidhe a thogail ann an Ùige ann an 1840 is 's ann às a tha an t-aiseag-charbad a' falbh gu Tairbeart Na Hearadh is gu Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Os cionn a' bhàigh, a' coimhead thar a' bhaile, tha Amaideachd Chaiptein Fhriseil, a thog uachdaran ionadail anns na 1890an. Tha Gleann nan Sìthichean, cnuic bhideanach annasach, faisg air cuideachd. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Ùige SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Snìothasort NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38823 KEYWORDS_GAELIC: