Loch An Cadha Ruadh, An t-Eilean Sgitheanach

Loch An Cadha Ruadh, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP99_97107_03_06 TUAIRISGEUL: Tha Loch Caroy (sin, creag dhearg) ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich, mu letheach-slighe eadar Bràcadall is Dùn Bheagain. Tha an dealbh seo a' sealltainn bothan aig ceann an loch le seallaidhean dhan taobh deas gu Loch Bhràcadal. Tha tobhta de dh'eaglais an Naoimh Eòin Baiste, a bh' air a dèanamh coisrigte ann an 1838 is air a cleachdadh gu meadhan an 20mh linn, faisg air an seo. Tha cladh na h-eaglais fhathast air a chleachdadh airson tiodhlacaidhean. Anns a' Mhàirt 2002 chaidh Loch an Cadha Ruadh a chomharrachadh mar uisge thèarainte le Rìoghaltas na h-Alba gus am maorach is na lusan a tha an eisimeil air an àrainneachd an uisge a dhìon. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: An Cadha Ruadh SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38824 KEYWORDS_GAELIC: