Baile falamh, Hiort

Baile falamh, Hiort

Dearbh-aithne: QZP99_97107_05_11 TUAIRISGEUL: Tha eileanan Hiort - Hiort, Sòdhaigh, Boraraigh is an Dùn - mu 100 mìle an iar air tìr mòr na h-Alba. Bha muinntir an eilein a' fuireach air an eilean as motha, Hiort, anns a' bhaile a bha faisg air Bàgh a' Bhaile. Tha e coltach gun deach am baile ath-thogail iomadh turas thar nan linntean ach is ann ann an 1830 a chaidh am baile a thogail leis an Urr. Niall MacCoinnich anns a' chruth anns a bheil e an-diugh. Bha measgachadh ann de thaighean-tughaidh, taighean dubha agus taighean le mullaichean sglèat. Chaidh an talamh shònrachadh tro shiostam runrig agus chaidh màl a phàigheadh ann an eòin-mhara, iasg agus eòrna. Chaidh laimrig a thogail aig Bàgh a' Bhaile ann an 1901. Mar thoradh air leudachadh ann an turasachd agus a chionn 's gu robh barrachd bathair a' tighinn a-steach bhon taobh a-muigh, cha robh na Hiortaich cho fèin-fhoghainteach no cho misneachail agus a bha iad. Chaidh na 36 eileanaich mu dheireadh a thoirt bhon eilean gu tìr-mòr ann an 1930, an dèidh dhaibh fhèin sin iarraidh. Cheannaich Marcais Bhòid na h-eileanan, is dh'fhàg esan aig Urras Nàiseanta na h-Alba iad mar dhìleab ann an 1957. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Hiort SGÌRE: Na Hearadh SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Na Hearadh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38833 KEYWORDS_GAELIC: