Crodh Gàidhealach ann am Muile

Crodh Gàidhealach ann am Muile

Dearbh-aithne: QZP99_97107_13_02 TUAIRISGEUL: Tha na crodh Gàidhealach seo nan laighe taobh a-muigh taogh croit air Rois Mhuile. 'S e crodh Gàidhealach a' ghnè chroidh as sine air a chlàradh san Roinn Eòrpa, le clàran sgrìobhte a' dol air ais chun 18mh linn. Chan eil fios an ann às Alba a thàinig iad an toiseach no an deach an toirt à Lochlann. Bha dà phrìomh ghnè ann an toiseach. Bha an Kyloe, ri fhaighinn anns na h-eileanan, nas lugha le còta dubh, is bha feadhainn thìr-mhòir nas motha le còta dearg. 'S e an fheadhainn dearga as cumanta an-diugh. Tha crodh Gàidhealach sgairteil is 's urrainn dhaibh a bhi beò far nach urrainn do sheòrsaichean eile a bhi beò. Tha iad ainmeil airson na còtaichean, a tha gan cumail blàth, is airson na h-adhaircean aca, air gach gnè, boireann is fireann. Tha cuideam suas ri tunna ann an crodh bhoireann, is tha an fheadhainn fireann nas truime. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: An Ros Muileach SGÌRE: Muile SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainn NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38856 KEYWORDS_GAELIC: