Taighean, Uibhist a Deas

Taighean, Uibhist a Deas

Dearbh-aithne: QZP99_97107_17_11 TUAIRISGEUL: Chan eil dealbhadh nan taighean san dealbh seo cho sean ri na taighean-dubha. 'S e aon bhalla a th' annta, le luidhearan simileir anns na stuadhan. Thàinig Uibhist a Tuath fo riaghladh nan Lochlannach air adhart bhon ochdamh linn. Nuair a thugadh uachdranachd dha Alba tro Chunnradh Pheairt ann an 1266, b' e Clann Mhic Ruairidh a fhuair làmh an uachdair ann an Uibhist. Aig àm nan 1370an, bha Uibhist a Deas air a riaghladh le Raghnall, riaghladair den trìtheamh ginealach de Thighearnas nan Eilean. A dh'aindeoin briseadh suas an Tighearnais ann an 1493, lean meur Raghnaill de Chlann Dòmhnaill air a' riaghladh na sgìre suas gu 1838 nuair a chaidh Uibhist a Deas a reic ris a' Chòirneal Gòrdain à Cluainidh. Dh'fhuadaich Cluanaidh mòran den t-sluagh anns na 1840an is bha aig iomadh eileanach ri falbh a Chanada. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Uibhist a Deas SGÌRE: Uibhist a Deas SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Uibhist a Deas CREATOR (AV): Margaret Fay Shaw NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38875 KEYWORDS_GAELIC: