Dearbh-aithne:QZP99_97107_22_02TUAIRISGEUL:Bha an seòrsa taighe san dealbh seo cumanta aig deireadh an 19mh linn. Bha oiseanan ceàrnach is stuadhan trì-chèarnach le luidhearan simileir anns na taighean. Bha na mullaich air an dèanamh de sglèat an àite tughadh mar bu trice.
Tha An Caolas Cumhang na bhaile beag ann an iar-thuath Chataibh, far a bheil Loch Gleann a' Chùil is Loch Gleann Dubh a' tighinn còmhla, is a' ruith tro Loch a' Chàirn gu Bàgh Eadar Dhà Chaolas. Tha an t-eas as àirde ann am Breatainn, Eas Chùil Àlainn, a tha mu 650 troigh, ceithir uairean nas àirde na Eas Niagara, faisg air. Bha aiseag a' dol thar A' Chaolais Cumhaing bho timcheall air 1800 gus an deach drochaid a thogail ann an 1984. Anns na 1940an, bha 'X-Craft' is bàtaichean-tumaidh beaga 'Chariot' a' trèanadh sa mhuir mun Chaolas Chumhang.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:An Caolas CumhangSGÌRE:Eadar Dhà Chaolas agus DiùranaisSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: Eadar Dhà ChaolasNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38894KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath