Rùsgadh nan caorach ann an Gleann Dail, Uibhist a Deas, a' coimhead taobh Loch Bhaghasdail

Rùsgadh nan caorach ann an Gleann Dail, Uibhist a Deas, a' coimhead taobh Loch Bhaghasdail

Dearbh-aithne: QZP99_97193_04_02 TUAIRISGEUL: B' e obair chruaidh a bh' ann am bearradh nan caorach, is bha e air a dhèanamh le sgioba gu math tric. Bha na caoraich air an cur air being fhiodh no cnocan is air am bearradh le deamhais-làimhe. Bha comharra an neach-seilbh ga chur orra an uair sin gus an aithnichist iad. ’S i Màiri NicRath am boireannach a th’ air a dà ghlùin air an talamh. Tha Gleann Dail anns An Eilean Sgitheanach, ceithir mìle an iar air Caisteal Dùn Bheagain. Anns na 1880an dh'fheuch muinntir an àite ri dhol an aghaidh nan riaghailtean neo-chothromach aig a' bhàillidh, ach chaidh bàta-gunna a chur ann is chaidh cuid den luchd-casaid a chur an grèim, nam measg Iain Mac a' Phearsain, 'Martarach Ghleann Dail'. Thàinig Achd Fearann nan Croitear 1886 gu bith mar thoradh air seo is gearainean eile coltach ris. Ann an 1904, cheannaich Bòrd an Àiteachais am fearann on uachdaran is reic iad e ri na croitearan, is b' iad a' chiad chroitearan a bha nan uachdarain-fearainn san dùthaich. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Gleann Dail SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Diùirinis CREATOR (AV): Margaret Fay Shaw NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38910 KEYWORDS_GAELIC: