Beàrradh chaorach, Leòdhas

Beàrradh chaorach, Leòdhas

Dearbh-aithne: QZP99_97193_04_05 TUAIRISGEUL: Is e Leòdhas/ na Hearadh an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Siar. Is e Leòdhas an dà thrian as fhaide a tuath den eilean. Tha a' mhòr-chuid den t-sluagh a' fuireach ann an Steòrnabhagh agus anns an t-sreath de bhailtean-fearainn croitearachd a tha air a' chosta an ear bho Phort Nis sìos. Is e poll-mhònach as motha a th' ann an taobh tuath an eilein ach gu deas, faisg air na Hearadh, tha an talamh a' fàs nas cnocaiche. Bha Leòdhas air a riaghladh leis na Lochlannaich, leis na Leòdaich, le Clann MhicCoinnich, le Sir Seamus MacMhathain agus leis a' Mhorair Levehulme. Tha eaconomaidh an eilean stèidhichte gu ìre mhòr air croitearachd, iasgach agus an Clò Mòr. Chithear fir a' bearradh chaorach anns an dealbh seo. B' e obair chruaidh a bh' ann am beàrradh nan caorach, is bha e air a dhèanamh le sgioba gu math tric. Bha na caoraich air an cur air being fhiodh no air tom sgrathan airson am bearradh le deamhais-làimhe. An dèidh sin, bha iad air an comharrachadh le comharra an duine leis an robh iad. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Leòdhas SIORRACHD/PARRAIST: ROS NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38912 KEYWORDS_GAELIC: