Caoraich Mhaola

Caoraich Mhaola

Dearbh-aithne: QZP99_97193_04_06 TUAIRISGEUL: Chaidh caoraich mhaola a bhriodadh an toiseach anns na Cheviots air a' chrìch eadar Alba is Sasainn. Is e beathaichean gu math cruaidh a th' annta agus faodar am fàgail air na beanntan fad na bliadhna. Air an adhbhar seo, tha na caoraich seo gu math freagarrach airson na Gàidhealtachd. Chaidh an toirt a-steach don Ghàidhealtachd anns na 1790an. Bha mòran de na caoraich a chaidh a thoirt a-steach don Ghàidhealtachd rè nam fuadaichean nan caoraich mhaola. Tha clòimh fhada mhaireannach air na caoraich mhaola agus tha aghaidh bhàn agus bus dubh agus casan bàna orra. Chan eil clòimh sam bith air an casan no air an aghaidh. Bidh rùda eadar 160 agus 200 punnd a chuideam agus bidh caora eadar 120 agus 160 punnd. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. CREATOR (AV): Margaret Fay Shaw (Mrs J L Campbell) NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38913 KEYWORDS_GAELIC: