Dearbh-aithne:QZP99_97193_04_07TUAIRISGEUL:Chan eil fhios againn le cinnt dè an eachdraidh a bh' aig na caoraich dhubh-cheannach ach tha fios againn gu robh iad air an cumail le manaich anns an 12mh linn airson an cuid clòimhe. Stèidhich Seumas IV treud de dhubh-cheannaich ann am Frìth Eadaraig ann an 1503. Tha na caoraich seo gu math freagarrach airson nam beanntan. Bidh iad cuideachd a' leasachadh fearann ionaltraidh.
Chaidh caoraich dhubh-cheannach a thoirt a-steach don Ghàidhealtachd aig tòiseach na 19mh linn ach chaidh caoraich mhaola a chur nan àite ann an ùine nach robh fada a chionn' s gu robh an cuid clòimhe na bu luachmhoire. Nuair a dh'fhàs prìsean an dà sheòrsa caora nas fhaisg air a chèile, ge-tà, b' fheàrr le daoine ann an cuid a dh' àiteachan na caoraich dhubh-cheannach a chionn 's gu robh iad cho cruaidh agus freagarrach airson beatha air na beanntan.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.CREATOR (AV):Margaret Fay Shaw (Mrs J L Campbell)NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38914KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath