A' bearradh nan Caorach, a' Chomraich

A' bearradh nan Caorach, a' Chomraich

Dearbh-aithne: QZP99_97193_09_01 TUAIRISGEUL: Tha an dealbh seo a’ sealltainn buidheann dhaoine a’ lomadh chaorach aig faing Bhaile Mhuilinn air Ceann-tìre na Comraich. Tha an rudha eadar Loch Thoirbheartan agus Loch Ciseorn a' coimhead dhan iar gu Ratharsair agus chun an Eilein Sgitheanaich. Gus an deach rathad a thogail an cois a' chladaich anns na 1970an, chan robh ach aon rathad ann don cheann-tìre. Is e Bealach na Bà an t-ainm a th' air an rathad seo. Tha e na seann rathad dròbhaireachd. Tha an rathad cas seo ag èirigh gu 2,053 troigh os cionn àirde na mara agus glè thric sa gheamhradh cha ghabh e dhol thairis air idir. Ann an 1850 bha cha mhòr 3000 duine a' fuireach anns na bailtean fearainn beothail anns a' cheann-tìre seo ach thuit àireamh an t-sluaigh mar thoradh air fuadaichean agus a chionn 's nach robh mòran chothroman no goireasan anns an sgìre. San latha an-diugh, chan eil ach mu 300 duine a' fuireach anns a' cheann-tìre. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: A' Chomraich SGÌRE: Loch Carrann SIORRACHD/PARRAIST: ROS: A' Chomraich NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38932 KEYWORDS_GAELIC: