Dearbh-aithne:QZP99_97193_10_07TUAIRISGEUL:Dithis nighean a' dannsa agus air an cuairteachadh le luchd-coimhid. Thathar ag ràdh gu robh dannsaichean Innse Gall nan ceum eadar-mheadhanach eadar seann ruidhleachan Albannach, far am biodh triùir no ceathrar a' dannsadh, agus dannsa-ceum a bha na bheum-dannsa far nach biodh ach aonan a' dannsadh. Tha beachd eile ann gun deach dannsadh Innse Gall a thoirt a-steach le Eòghann MacLachlainn a bha na dhannsair is na cheistear ann an Uibhist a Deas. Ged a bhiodh a' mhòr-chuid de na dannsaichean air an cumail a-staigh, bhiodh daoine cuideachd a' dannsa a-muigh, gu h-àraid nuair a bhiodh solas na gealaich a' deàrrsadh. Bhiodh cuid a' dannsa air drochaidean no aig croisean rathaid.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:neo-aithnichteNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38942KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath