A' Dupadh nan caorach, Tom Aitinn

A' Dupadh nan caorach, Tom Aitinn

Dearbh-aithne: QZP99_97193_11_11 TUAIRISGEUL: Tha na caoraich seo gan dupadh air tuathanas faisg air Tom Aitinn mu 14 mìle an ear-deas air Inbhir Nis ann an Srath Èireann air bruach a tuath Uisge Èireann. Bha caoraich air an cumail a-muigh is bha iad glè thric air am fàgail ag ionaltradh thar farsaingeachd mhòr fearainn. Bha iad a' cur feum air dìon o dhìosganaich. Suas chun an 18mh linn, bha clòimh chaorach air a smeuradh le teàrr is ìm, ach thòisich dupadh a' fàs cumanta san 19mh linn. 'S e leann anns an robh stuth gus dìosganaich a mharbhadh a bh' ann an dup chaorach. Mar bu trice, bha e air a chur ann an clais dhupaidh fhada is bhathar a' toirt air na caoraich snàmh troimhe. Gu 1989, bha riaghailtean Bhòrd an Àiteachais ag ràdh gun robh na caoraich rin dupadh dà uair sa bhliadhna. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Tom Aitinn SGÌRE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38946 KEYWORDS_GAELIC: