Lomnachadh Carragh-cuimhne na Cananaich 's Ros Mhaircnidh

Lomnachadh Carragh-cuimhne na Cananaich 's Ros Mhaircnidh

Dearbh-aithne: ROMGH_PA_94_039_1 TUAIRISGEUL: Tha sluagh mòr a' coimhead fhad 's a tha Carragh-cuimhne a' Chogaidh sa Chananaich ga lomnachadh ann an 1922. Chithear an carragh, inntrigeadh de chloich aig Cathair-eaglais na Cananaich, ann am meadhan an deilbh. Taobh a-staigh na bothag-cuimhne chithear bratach Bhreatannach a' còmhdachadh a' chlàir mus deach a nochdadh. 'S e na facail a th' air, "Unto the Glory of God and in Loving Memory of the Men of this Parish who Gave their Lives for their Country in the Great War, 1914-1919". Tha trì-deug thar fhichead (trithead 's a trì) ainm air an liostadh air. Às dèidh an Dàrna Cogaidh chaidh clàr ùr a chur ris a' charragh-cuimhne. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Groam House Museum ÀITE: A' Chananaich SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Ros Mhaircnidh DEIT: 1922 LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam CRUINNEACHADH: Groam House Museum Photographic Collection ID Maoin: 39128 KEYWORDS_GAELIC: