Dearbh-aithne:ROMGH_PA_94_130TUAIRISGEUL:Tha baile na Cananaich suidhichte air oirthir a deas an Eilein Duibh a' coimhead thar Linne Moireibh. Tha tobhta Cathair-eaglais na Cananaich, a chaidh a thogail san 13mh linn nuair a ghluais Easbaig Rois an seo à Ros Mhaircnidh, air taobh deas an deilbh. Dh'fhàs A' Chananaich mun cuairt na Cathair-eaglais, agus b' e 'Chanonry' an t-ainm tùsail a bh' air sa Bheurla a' ciallachadh Àite nan Cananach, oir bha cananaich na cathair-eaglais a' fuireach ann am mansaichean mun cuairt na h-eaglais.
Ro 1584 bha sgoil-ghràmair anns a' Chananaich, agus shoirbhich am baile mar ionad airson ealain agus saidheans, agus gu h-àraidh lagh agus diadhachd. Ach mus tàinig àm an Ath-leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mu thràth ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oilbhear Crombail leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhith airson an taighean.
Fhuair A' Chananaich inbhe Borgh Rìoghail ann an 1590, ach chan eil càil a choltas gun do shoirbhich leis an àite mar thoradh air an sin. San leabhar 'The Buildings of Scotland: Highlands and Islands' tha Iain Gifford a' toirt tarraing à aithisg Comhairle a' Bhaile ann an 1691 a bha ag ràdh gur e dìreach 'a little village' a bh' anns A' Chananaich.
Ach mhair am baile mar ionad-foghlaim. Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791, le clasaichean air an cumail ann an Taigh nan Clèir agus Taigh Shìiophort, agus bha i ainmeil airson foghlam. Ghluais i chun an làraich far a bheil i an-diugh ann an Sràid na h-Acadamaidh ann an 1891.
Chaidh ruigsinneachd air a' bhaile a leasachadh gu mòr nuair a chaidh an cala clach-ghainmhich, a chaidh a dhealbhadh le Tòmas Telford, a thogail eadar 1813 agus 1817. Sa Ghearran 1894, chaidh meur-loidhne de Rèile na Gàidhealtachd fhosgladh dhan Chananaich, a' cuideachadh le leasachadh an tuineachaidh mar bhaile turasachd. Chananaich
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House MuseumÀITE:A' ChananaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros MhaircnidhDEIT:1955LINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Taigh GhroamCRUINNEACHADH:Groam House Museum Photographic CollectionID Maoin:39208
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath