A' cur sìos na clach-bunait airson Acadamaidh na Cananaich, 1891
Dearbh-aithne:ROMGH_PA_94_132TUAIRISGEUL:Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn buidheann mòr fhireannach a' cur sìos clach-bunait airson Acadamaidh na Cananaich ann an 1891. Tha bonaidean bileach, bobhlairean agus adan àrda uile am follais.
Tha sgoil air a bhith anns A' Chananaich bho na meadhan-linntean nuair a bha a' Chathair-eaglaise aig a h-àirde. Nuair a thàinig an t-Ath-leasachadh ann an 1560, bha a' chathair-eaglais annn an droch staid, ach dh'fhan A' Chananaich mar ionad-foghlaim. Ro 1584 bha sgoil-ghràmair ann, agus bha am baile soirbheachail mar ionad dha na h-ealain agus saidheans, agus gu h-àraidh an lagh agus diadhachd.
Chaidh Acadamaidh na Cananaich a stèidheachadh ann an 1791 le clasaichean air an cumail ann an Taigh nan Clèir agus Taigh Shìophoirt, agus bha i ainmeil airson foghlam. Ghluais i chun an làraich far a bheil i an-diugh ann an Sràid na h-Acadamaidh ann an 1891, gu togalach a dhealbhaich Iain MacDhonnchaidh. Tha tùr cloc àrd cruinn an togalaich thùsail seo fhathast a' seasamh a-mach am measg leudaichean an dèidh sin
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House MuseumÀITE:A' ChananaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros MhaircnidhDEIT:1891LINN:1890anNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Taigh GhroamCRUINNEACHADH:Groam House Museum Photographic CollectionID Maoin:39210
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath