Bathar pàioeir MhicDhòmhnaill, A' Chananaich

Bathar pàioeir MhicDhòmhnaill, A' Chananaich

Dearbh-aithne: ROMGH_PA_94_148 TUAIRISGEUL: Bùth MhicDhòmhnaill sa Chananaich, baile beag air oirthir a deas an Eilein Duibh. Bha MacDòmhnaill ga shanasachadh fhèin mar Neach-reic leabhraichean, bathar pàipeir agus phàipearan-naidheachd a bha cuideachd a' reic mìlseanachd agus deochan agus bha cead aige tombaca a reic. Mholadh am bathar a tha san uinneig gun robh e a' reic shoithichean, bathar glainne agus bathar cruain. Tha dithis bhoireannach nan seasamh air taobh a-muigh na bùtha; 's i Dìorbhail Ceit NicDhòmhnaill a phòs Ted Hayter à Talamh an Èisg a th' ann an tè dhiubh. Tha sanasachd airson an 'Sunday Post' aig doras na bùtha a' gairm: '5,000 more troops ordered to Shanghai'. Dh'fhaodadh gur ann ann an 1927 a bha seo nuair a bha còmhstri eadar na nàiseantaich agus na co-mhaoinich ann an Sìona a' dèanamh iomagain eadar-nàiseanta mu shàbhailteachdan àireamh mòr de shluagh às an Roinn Eòrpa ann an Shanghai. Chuir Iapan, na Stàitean Aonaichte, An Fhraing, An Eadailt agus Breatainn saighdearan ann gun fhios nach biodh èiginn ann S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Groam House Museum ÀITE: A' Chananaich SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Ros Mhaircnidh LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam CRUINNEACHADH: Groam House Museum Photographic Collection ID Maoin: 39223