Ros Mhaircnidh, Sràid na Drochaid

Ros Mhaircnidh, Sràid na Drochaid

Dearbh-aithne: ROMGH_PA_94_211 TUAIRISGEUL: Tha an t-sreath thaighean seo suidhichte fon Chreig ann an Sràid na Drochaid, Ros Mhaircnidh. 'S e baile air oirthir a deas an Eilein Duibh a th' ann an Ros Mhaircnidh. Tha am bàgh a' sìneadh timcheall air Nis na Cananaich, air a bheil raon-goilf, gu Rubha na Cananaich far a bheil caolas cumhang eadar an Eilean Dubh agus oirthir Mhoireibh. 'S e an taigh-solais an seo an t-àite as fheàrr airson a bhith a' coimhead air na leumadairean-mara a tha ann an linne Mhoireibh agus a tha a' cur iongantas air an luchd-amhairc leis an leumadaireachd is an spòrs aca. Tha Ros Mhaircnidh, a tha a' ciallachadh 'ros allt nan each', air a cheangal ri baile na Cananaich a tha ri thaobh, ach tha muinntir Ros Mhaircnidh a' cumail a-mach gur e as sine. Tha dearbhadh ann gun robh àite-tuineachaidh Cruithneach ann an Ros Mhaircnidh anns an 8mh linn. Chaidh còrr is 12 leac Cruithneach a lorg mu chladh a' bhaile, agus tha iad a-nis ann an Taigh-tasgaidh Ghroam anns a' bhaile S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Groam House Museum ÀITE: Ros Mhaircnidh SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Ros Mhaircnidh DEIT: 1953 LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam CRUINNEACHADH: Groam House Museum Photographic Collection ID Maoin: 39259 KEYWORDS_GAELIC: