A' cur sìos clach-oisein Talla Cuimhneachaidh Ghòrdain
Dearbh-aithne:ROMGH_PA_94_236TUAIRISGEUL:Chaidh an dealbh-camara seo a thogail gus cur sìos clach bunait Talla Cuimhneachaidh Ghòrdain ann an Ros Mhaircnidh, baile beag air oirthir a deas an Eilein Duibh, a chomharrachadh. Chaidh an talla a thogail ann an 1904 mar chuimhneachan air dà bhràthair leis an t-sloinneadh Gòrdan agus tha i fhathast air a cleachdadh mar thalla a' bhaile an-diugh.
Thathas air am boireannach ri aghaidh an deilbh aithneachadh mar H. Ros, agus 's i Sìne Ros an leanabh a tha ri taobh a' coimhead suas ris a' chamara. 'S e Rod MacRath an duine leis a' cheap a tha aig mullach deas an deilbh. 'S e Pròbhaist Sutharlanach, an duine leis an aid àird air an taobh dheas ann am meadhan an deilbh, dìreach air cùlaibh a' bhoireanaich leis an truthail
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House MuseumÀITE:Ros MhaircnidhSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros MhaircnidhDEIT:1904NEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Taigh GhroamCRUINNEACHADH:Groam House Museum Photographic CollectionID Maoin:39280KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath