Dearbh-aithne:ROMGH_PA_94_285_P12TUAIRISGEUL:Tha an lag a tha san dealbh seo suidhichte ann am fearann coillteach ri taobh Allt An Tòiseachd ann am paraiste Urchadain san Eilean Dubh. Tha e a' dèanamh amharc-lann nàdarrach sgoinneil le fuaimeareachd sgoinneil agus chaidh iomadh seirbheis eaglais a-muigh a chumail an seo anns an 19mh linn. Bha na mìltean de dhaoine a' cruinneachadh airson Sàcramaid a' Chomanachaidh nuair a bhiodh seirbheisean air an cumail thar grunnan làithean. Bha an togalach beag air a chleachdadh leis a' mhinistear ron t-seirbheis. Bha an coithional - bha cuid aca air siubhal suas ri 50 mìle - a' suidhe air na leòidean mun cuairt, anns a' ghrèin agus anns an uisge.
Bha cuid de na searmonaichean a b' fheàrr ann an Alba a' searmonachadh an seo, nam measg ministear ainmeil às a' pharaiste, An t-Urr Iain MacDhòmhnaill, air an robh 'Abstol a' Chinn a Tuath'. Rugadh e ann an Gallaibh agus thàinig e gu paraiste Urchadain ann an 1813 agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1849. Bhàsaich a bhean ann an 1814 aig an aon àm 's bha e a' cumail a chiad sheirbhisean comanachaidh anns an Tòiseachd, nuair a tha e air aithris gun do chruinnich mìltean de dhaoine airson a chluinntinn a' searmonachadh. B' e Dr MacDhòmhnaill aon de na ministearran a bhris air falbh bhon Eaglais Stèidhichte ann an 1843 gus an Eaglais Shaor a chruthachadh. Bha e a' cumail sheirbheisean a-muigh gus an deach eaglais ùr a thogail
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House MuseumÀITE:An TòiseachdSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Urchadan 's Lagaidh an IarNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Taigh GhroamCRUINNEACHADH:Groam House Museum Photographic CollectionID Maoin:39330
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath