Dearbh-aithne:ROMGH_PA_94_285_P48TUAIRISGEUL:'S e taigh mòr air taobh an iar-thuath Inbhir Nis a th' ann an Taigh Bhaile an Fhraoich a tha a' dol ais ais gu tòiseach na 19mh linn. Chaidh a thogail, agus ma dh'fhaodte, a dhealbhachadh le Màidsear Ùisdean Raibeart Duff, a dheasaich 'The Culloden Papers' agus a thog Carragh-cuimhe Clach na h-Aithrigh. Tha Iòsaph Mitchell a' toirt iomradh air mar 'an able man but somewhat eccentric'.
Phòs Ùisdean Raibeart Duff tè Sara Louise Foirbeis à Cùil Lodair; chithear na ciad-litrichean HRD agus SLF còmhla ris an deit 1805, air aghaidh an iar tùr meadhanach an taighe. Tha gearradh arm Duff ri fhaicinn os cionn a' phrìomh phoirdse inntrigidh le a cholbhan Doric le loidhnichean claiseach.
Chaidh tòiseachadh ga thogail ann an 1800, ach chaidh diofar atharrachaidhean agus pìosan a bharrachd a chur ris, ann an stoidhlichean ailtireachd eadar-dhealaichte, eadar sin agus 1851. Nuair a chaidh an taigh a shanasachadh airson a leigeil air mhàl ann an 1874, chaidh an cunntas a leanas a thoirt air:
'Muirtown House, containing Drawing-Room, Dining-Room, Study or Smoking-Room, and Nine Bedrooms, in addition to ample accommodation for servants. There are also a Garden and Conservatory, with Stables, Coach-House, Harness-Room, and Coachman's House.'
'S e Togalach Clàraichte Ìre B air a roinn na ochd àiteachan còmhnaidh air leth a th' ann an Taigh Bhaile an Fhraoich an-diugh
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House MuseumÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh Taigh GhroamCRUINNEACHADH:Groam House Museum Photographic CollectionID Maoin:39357KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath