Dè an eachdraidh a tha aig do theaghlach? - Steve Murdoch

Dè an eachdraidh a tha aig do theaghlach? - Steve Murdoch

Dearbh-aithne: SGI_STEVE_MURDOCH_Q_01 TUAIRISGEUL: Mar phàirt de Thilleadh Dhachaigh 2009, chaidh co-labhairt eadar-nàiseanta trì latha - Buaidh Chruinneil na h-Alba - a chumail ann an Taigh-chluiche Eden Court, Inbhir Nis, bho 22-24 Dàmhair. Thàinig sgoilearan, eachdraichean is eòlaichean eile còmhla gus deasbaireachd fhallain a bhrosnachadh mu eachdraidh imrich agus a' bhuaidh a bha aig muinntir na h-Alba thall-thairis. Rinn Am Baile agallamhan le grunn luchd-labhairt rè na co-labhairt. San earrainn chlaistinnich seo, tha an Dr Steve Murdoch a' freagairt na ceiste: "Dè an eachdraidh a tha aig do theaghlach fhèin?" 'S e Leughadair ann an Eachdraidh na h-Alba aig Oilthigh Chill Rìmhinn a th' ann an Dtr Steve Murdoch. Am measg ùidhean a rannsachaidh tha às-imrich o Bhreatainn san t-seachdamh linn deug agus a h-uile seòrsa eadar-ghnìomhachas eadar Alba thràth ùr-nodha agus an saoghal mòr. Tha e air mòran fhoillseachadh air a' chuspair sin agus am measg a phrìomh fhoillseachaidhean tha: 'Britain, Denmark-Norway and the House of Stuart 1603-1660' (East Linton: Tuckwell Press, 2000/2003) agus 'Network North: Scottish Kin Commercial and Covert Associations in Northern Europe, 1603-1746' (Leiden: Brill, 2006). Am measg a phrìomh chruinneachaidhean a tha deasaichte tha 'Scotland and the Thirty Years War, 1618-1648' (Leiden: Brill, 2001) agus còmhla ri Alexia Grosjean, 'Scottish Communities Abroad in the Early Modern Period' (Leiden: Brill, 2005). Cuideachd còmhla ri Alexia Grosjean tha e air an fhoillseachadh a fhuair cliù mòr a dhèanamh: 'Scotland, Scandinavia and Northern European Biographical Database.' ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile CRUINNEACHADH: Scotland's Global Impact ID Maoin: 39398