Cuairt dheireannach Cupa na Camanachd 1972, Celtic An Òbain v Baile Ùr an t-Slèibh

Cuairt dheireannach Cupa na Camanachd 1972, Celtic An Òbain v Baile Ùr an t-Slèibh

Dearbh-aithne: SHINTY_D1101_2_49_89_03 TUAIRISGEUL: Bho chlì gu deas, Jim MacPhàdraig bho Celtic An Òbain, Brian Stiùbhart bho Baile Ùr an t-Slèibh, agus an rèitire, Seoc Asher aig Cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an an 1972. Chaidh an gèam, a bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh 6-3, a chluich ann an Glaschu. Chaidh Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibh a' stèidheachadh ann ann 1895 agus 's e aon de na clubaichean as soirbheachail ann an eachdraidh an spòrs. Aig an àm a chaidh seo a' sgrìobhadh (2010) tha iad air prìomh cho-fharpais an spòrs, Cupa na Camanachd, a bhuannachadh 28 uair. Anns na 1920an dh'fhàs e soilleir gun robh cluicheadairean gu leòr san Òban airson cluba eile a chruthachadh (chaidh Camanachd An Òbain a chruthachadh ann an 1889) agus mar sin chaidh Celtic An Òbain a stèidheachadh ann an 1927. Tha iad air Cupa na Camanachd a bhuannachadh sia turais (ann an 2009) , an turas mu dheireadh ann an 1963. ÀITE: Glaschu DEIT: 1972 LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Jack Richmond Shinty Archive ID Maoin: 39415 KEYWORDS_GAELIC: