Bàt'-iasgaich ann an cala Chaol Àcain

Bàt'-iasgaich ann an cala Chaol Àcain

Dearbh-aithne: SLD_182_004 TUAIRISGEUL: Chithear bàta air a bheileas air dearmad a dhèanamh an seo, 'The Golden Rule II' ceangailte aig cidhe Chaol Àcain san Eilean Sgitheanach. Clàraichte ann am Baile na h-Eaglaise mar K856, b'e 'seiner' no 'seine netter' (bàt'-iasgaich a bha a' cleachdadh lìon le cuideamean aig a' bonn agus balgan-fleodraidh air an oir mullaich). Ann an cùl an deilbh tha sreathan de bhàtaichean iasgaich ceangailte ri taobh a chèile aig an t-seann chidhe, a-mach às an rathad air na h-aiseagan a tha a' dol air ais 's air adhart eadar laimrig Chaol Àcain air an fhìor làimh dheis, agus Caol Loch Aillse airn tìr-mòr. Chan eil ach beagan bhàtaichean a-nis stèidhichte ann an Caol Àcain ach tha pontùn a chaidh a chur an sàs o chionn ghoirid a' toirt acarsaid nas fhasa na tha anns an dealbh. Tha an t-ainm Caol Àcain, a' ciallachach Caol Haakon, a' toirt iomradh air Rìgh Haakon IV Nirribhidh a chur ri chèile cabhlach shoithichean ann an Loch Aillse mus deach e a shabaid ri Alasdair III na h-Alba aig Blàr na Leargaidh Ghallta ann an 1263. Tha ceangal Lochlannach aig an tobhta a tha os cionn a' chala cuideachd. A rèir beul-aithris bha dùn na bu thràithe air an làrach, co -cheangailte ris a' cheathramh ceann-cinnidh air Clann 'IcFhionghain, Findanus, agus a' bhean Nirribheach, bana-phrionnsa air an robh 'Saucy Mary'. Thathas ag ràdh gun robh an dithis a' ruith seine thairis a' Chaolais agus gun robh iad a' cur cìs air soithichean a bha a' dol seachad. B' e daingneach Chlann 'Ic Fhionghain anns an robh trì làir a bh' ann an Caisteal Maol a tha a' dol air ais chun a' 15mh linn. Chaidh fhàgail mar an àite-còmhnaidh airson àite na bu chofhurtail an àiteigin eile san Eilean Sgitheanach goirid an dèidh sin. Fhuair an caisteal an t-ainm a th' air an-diugh, a' ciallachadh maol no lom, an dèidh dha bhith air fhàgail 's tuiteam às a chèile. Olivia James Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Caol Àcain SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: An Srath LINN: 1960an; 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Olivia James Collection ID Maoin: 39449 KEYWORDS_GAELIC: