Dearbh-aithne:SLD_182_008TUAIRISGEUL:Bha anm brùthadair-chlach seo suidhaichte ann an cuaraidh bheag ri taobh rathad Phort Rìgh dhan Ath Leathann faisg air tuathanas A' Chorrain, san Eilean Sgitheanach. Bha a' chuaraidh a' toirt stuth airson a bhith a' càradh rathaidean.
Chaidh am brùthadair a dhèanamh le W.H. Baxter Ltd à Leeds agus 's dòcha gun robh e air obrachadh le einnsean ola a bha air leac fon inneal. Tha an sealladh bhon aghaidh a' sealltainn dà chuibhle mhòr leis an ulag dràibhidh air an làimh dheis. Sgrìobhte air a' chlàr tha, 'Lubricate this breaker well, Tightened bolts prevent all rapping, And ensure all parts are clean, That's the way to keep it knapping'.
Gheibhear innealan mar an fhear seo fhathast , aig diofar ìrean truaillidh, ann an ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd agus Na h-Eileanan.
Olivia James
Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir.
Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh ArchivesÀITE:An LùibSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: An SrathLINN:1960an; 1970anNEACH-FIOSRACHAIDH:Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch AillseCRUINNEACHADH:Olivia James CollectionID Maoin:39453KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath