Dearbh-aithne:SLD_182_029TUAIRISGEUL:Tha tobhta Caisteal Dhùin Tuilm ann an sgàil-riochd ’s a’ ghrian a’ dol fodha air cùlaibh Na Hearadh. Suidhichte air rubha a' coimhead thar Sgorr Lùib ann an ceann a tuath Throndairnis san Eilean Sgitheanach, bha dùn o Linn an Iarainn air làrach Dhùin Thuilm an toiseach. Bha e eadar Clann 'ic Leòid is na Dòmhnallaich thar nam bliadhnaichean, an dà chinneadh air an tarraing le a shuidheachadh drùidhteach agus cha mhòr nach robh e do-dhèanta ionnsaigh a thoirt air, le bearraidhean mara air trì taobhan. Mu dheireadh bha e na dhaingneachd aig na Dòmhnallaich bho 1539.
An dèidh ùine air a leigeil seachad leis na cinnidhean uile, chaidh an caisteal a leasachadh agus ath-nuadhachadh le Sir Dòmhnall MacDhòmhnaill à Slèite tràth san t-17mh linn. Bha Dùn Tuilm ainmeil greis mar àite far am bithte a' cumail fhèisean, bhàlan is chuirmean-ciùil. Gu mì-fhortanach cha do mhair an spiorad mòrachd is suaimhneis seo agus chaidh na Dòmhnallaich a dh'fhuireach air fearann Armadail an ceann a deas an Eilean Sgitheanaich. Ged a chùm iad sealbh air Dùn Tuilm, cha do ghabh ceann-feadhna nan Dòmhnallach còmhnaidh ann bho 1720 a-mach.
Gu ruige nan 1730an, bhathas a' cur an àite thrèigte seo gu feum mar chuaraidh leis na clachan gan toirt air falbh a thogail àite-còmhnaidh ùr is na bu lugha aig Mo-gastad, mu 8 km (5 mile) air falbh. Bha an caisteal fosgailte agus gun fhasgadh bho bhuaidh nan siantan, agus chuir seo, a thuilleadh air mar a bhathas a' toirt a' chaisteil às a chèile, ri crìonadh agus tuiteam an togalaich. Tha ballaichean nan tùr, a bha uaireigin air an còmhdachadh le turaidean agus clachaireachd ealanta, an dèidh falbh às a chèile agus tha na seòmraichean is slocan a-nis air an lìonadh le sprùilleach. A dh'aindheoin obair airson an togalach a dhèanamh seasmhach, tha structar a' chaisteil rudeigin cugallach fhathast, ged a tha làrach iongantach an àite a' tarraing mhìltean de luchd-turais gus an là an-diugh.
Olivia James
Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.
Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh ArchivesÀITE:Dùn TuilmSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Cille MhoireLINN:1970anNEACH-FIOSRACHAIDH:Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch AillseCRUINNEACHADH:Olivia James CollectionID Maoin:39474KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath