Dearbh-aithne:SLD_182_057TUAIRISGEUL:Tha mòine na laighe a’ tiormachadh air poll-mònadh, faisg air Port nan Long air oirthir an iar an Eilean Sgitheanaich, mus tèid a giùlain air ais chun an taigh croite airon a chruachadh.
Tha mòine air a cruthachadh thar linntean bho lusan a tha air lobhadh gu ìre ann an suidheachaidhean fliuch searbhagach, agus na stuthan air a bhruthadh sìos le a chuideam agus a thaiseachd fhèin agus mu dheireadh tha e air a dhèanamh gualanach gu ìre. Ged nach fhàs puill-mhòna ach mu 0.5mm sa bhliadhna, dh'fhaodadh iad a bhith suas ri 10 meatairean de dhoimhne mu dheireadh thall.
B' e mòine an aon chonnadh a bha ann an sgìrean far nach robh coilltean no sgru-imbean agus bha i air a cleachdadh air feadh Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Tha na puill-mhònaidh glè thric astar bho dhachaighean nan croitear agus feumar oidhirp shaothrachail airson fadan gu leòr a sheasas tron gheamhradh a bhuain. Chleachdadh taigh croite a bha an urra ri mòine a-mhàin airson connadh eadar 15,000 agus 18,000 fad gach bliadhna.
Tha buain a’ tòiseachadh as t-earrach agus a’ chuid as fheàrr den tiormachadh fhaighinn as t-samhradh. Tha pìosan ann an cumadh breige air am buain às a’ pholl-mhònadh a’ cleachdadh spaid, a tha tric air a dèanamh aig an taigh, agus an uair sin tha iad air an sgaoileadh airson tiormachadh. Tha mòine air a dèanamh suas de 90% uisge’s mar sin feumar a fàgail a’ drèanadh agus a’ tiormachadh gu ìre faisg air far an deach a buain gus an cuideam a lùghdachadh. Bha an dòigh fhèin aig gach sgìre, agus uaireannan teaghlach, air a’ mhòine a thiormachadh. Uaireannan bha ceithir fadan air an cuir còmhla le dhà eile air am muin, uaireannan trì mar theanta. An dèidh beagan sheachdainnean, a-rèir an t-sìde, bha a’ mhòine a b’ aotroime agus bu chruaidhe air a toirt chun na croite far am biodh iad air an togail gu grin nan cruachan mòra, cuid dhiubh anns an robh dà mheatair a dh’àirde, agus a bha deilbhte gus seasamh ri stoirmean agus an t-uisge a chumail a-mach.
Olivia James
Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.
Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack', a tha air a chlò bhualadh gu prìobhaiseach, agus a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh ArchivesÀITE:Port nan LongSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: BracadalLINN:1970an; 1980anNEACH-FIOSRACHAIDH:Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch AillseCRUINNEACHADH:Olivia James CollectionID Maoin:39502KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath