Obair feòir air a’ chroit, Carabost, An t-Eilean Sgitheanach

Obair feòir air a’ chroit, Carabost, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: SLD_182_071 TUAIRISGEUL: Air oirthir eagach an iar an Eilean Sgitheanaich tha Loch Harport, le Glamaig nas fhaide air falbh, a’ toirt cùl-deilbh airson an obair shamhraidh bhliadhnail de dh’obair feòir airson biadh geamhraidh dha stoc. Bha obair an fheòir saothrachail agus a’ toirt ùine agus bhathas tric a’ gairm air buill den teaghlach no nàbaidhean airson cuideachadh. Suas gu deireadh na 19mh linn, bha am feur air a bhuain le speal, ach an uair sin bha lomairean no innealan-buana air an tarraing le each agus an uair sin le tractaran a’ dèanamh an obair shaothrachail seo na bu luaithe, ged a bha an cleachdadh cuingealaichte air earrannan beaga de dh’fhrearnn croite. Bha am feur air a thionndadh gus tiormachadh a bhrosnachadh, agus air a ràcadh agus an uair sin air a chruinneachadh na chocan. Tha na cruachan feòir san dealbh le cainb-thearra beag air am muin gus an aimsir as miosa a chumail a-mach agus gus stad a chuir air an fheur bho bhith air a shiabadh air falbh. Glè thric bha seann lìon-iasgaich air a chleachdadh airson seo. Olivia James Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack', a tha air a chlò bhualadh gu prìobhaiseach, agus a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Carabost SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Bracadal LINN: 1970an; 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Olivia James Collection ID Maoin: 39516 KEYWORDS_GAELIC: