Dearbh-aithne:SLD_182_075TUAIRISGEUL:Tha bàt’-iasgaich ceangailte aig a’ chidhe ann an Eilean Iarmain, leis a’ chladach ann an Ceann Loch agus Leitir Fura air a chùlaibh thar uisgeachan glasa na cala, a’ moladh droch shìde a-muigh aig muir. ’S e Eilean Iarmain ainm an eilein, dìreach ri fhaicinn aig taobh dheis an deilbh-camara seo, a tha suidhichte faisg air a’ chladach air taobh an ear ceann a deas an Eilean Sgitheanaich, ann an Slèite. Tha Ornsay, ainm Beurla an eilean, a' tighinn bhon fhacal Lochlannach airson eilean-tràghaidh, eilean a tha ceangailte ri tìr-mòr nuair a bhios muir-tràigh ann, agus gun teagamh tha seo fìor mu Eileam Iarmain.
Chaidh am baile leis an aon ainm, Eilean Iarmain a stèidheachadh tràth anns an 19mh linn air bàgh fasgach a tha a’ coimhead thar an eilein agus a thug cala dhìonach dha bàtaichean-iasgaich. Thàinig am baile gu bhith na ionad malairteach na sgìre fo chùram nan Dòmhnallaich, na h-uachdarain ionadail. Chaidh an cidhe a thogail ann an 1805 agus togalaichean eile faisg air làimh, nam measg bùth, stàballan. sìol-lann agus taigh-òsta an dèidh sin, Taigh-òsta Eilean Iarmain an-diugh. Chaidh a’ mhòr-chuid de na togalaichean a cheannach le Sir Iain Noble ann an 1972, agus bha iad air an dèanamh suas às ùr no air an atharrachadh, a’ dèanamh meadhan airson amasan gus cànan agus cultar na Gàidhlig ath-nuadhachadh. Tha am bàgh na chaladh dha gheataichean a tha a’ tadhal agus tha barrachd dhiubh sin ann an-diugh na tha ann de bhàtaichean-iasgaich.
Olivia James
Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.
Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack', a tha air a chlò bhualadh gu prìobhaiseach, agus a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh ArchivesÀITE:Eilean IarmainSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: SlèiteLINN:1980anNEACH-FIOSRACHAIDH:Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch AillseCRUINNEACHADH:Olivia James CollectionID Maoin:39520KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath