A’ càradh lìon-iasgaich, An t-Eilean Sgitheanach

A’ càradh lìon-iasgaich, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: SLD_182_077 TUAIRISGEUL: An t-snàthad speisealaichte làn toinne leis a bheil an t-iasgair a’ càradh reubadh na lìon. Feumaidh lìn-iasgaich a bhith air an cumail suas fad na h-ùine, gur bith dè am pàirt den t-saoghal anns a bheil na h-iasgairean a’ fuireach no an seòrsa iasgaich anns a bheil iad an sàs. An seo ann an Eilean Iarmain air oirthir an ear An Eilean Sgitheanaich, tha droch shìde air am bàt’-iasgaich a chumail a-staigh, ach faodar na lìn a sgrùdadh agus a chàradh. Bha lìn air an dèanamh le làimh le bhith a’ cur snaimean ann an toinne gus mogal a chruthachadh. Chaidh an obair seo a dhèanamh nas luaithe le innealan dèanamh lìn agus le bhith a’ cleachdadh sàithleach fuadain anns na 1950an chaidh neart agus fad-shaoghlachd nan lin am feabhas gu mòr. A dh’aindeòin seo, faodar in a milleadh fhathast le bhith a’ dol an sàs ann an creagan no air grunnd na mara no an lùib feamainn no uidheam, agus feumar an càradh le làimh. Tha baile Eilean Iarmainn, suidhichte air laimrig fhasgach air Caolas Shlèite, air a dhìon le eilean leis an aon ainm. Chaidh a stèidheachadh tràth anns an 19mh linn air bàgh fasgach a’ coimead thar an eilein a bha a’ toirt laimrig fhagach do bhàtaichean-iasgaich. Thàinig am baile gu bhith na ionad malairteach airson na sgìre fo smachd nan Dòmhnallaich, na h-uachdarain ionadail. Chaidh an cidhe a thogail ann an 1805 le togalaichean eile faisg air làimh agus nam measg sin bha bùth, stàbaill, stòr grain agus an dèidh sin taigh-seinnse, Taigh-òsta Eilean Iarmainn an-diugh. Chaidh a’ chuid mhòr de na togalaichean a cheannach le Sir Iain Noble ann an 1972, agus bha iad an uair sin air an dèanamh suas as ùr no air an atharrachadh, a’ cruthachadh meadhan airson amasan cànan agus cultair na Gàidhlig ath-bheothachadh. Tha am bàgh na chala do gheataichean tadhail agus tha barrachd dhiubh sin ann an-diugh na tha ann de bhàtaichean-iasgaich. Olivia James Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Eilean Iarmain SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Slèite LINN: 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Olivia James Collection ID Maoin: 39522 KEYWORDS_GAELIC: