Caisteal a’ Chamais, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Caisteal a’ Chamais, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: SLD_182_084 TUAIRISGEUL: Tha tobhta fhaireachdail Caisteal a’ Chamais, ris an canar Caisteal a’ Chnuic no Knock Castle sa Bheurla cuideachd, suidhichte air an oirthir an ear de Rubha Shlèite sanEilean Sgitheanach, a’ coimhead thar Caolas Shlèite gu tìr-mòr. Tha an caisteal suidhichte air rubha le creagan cas gu deas a tha a’ toirt taic agus dìon dhan structair gu h-àrd. Tha am beagan thuairmsean ailtireil a th’ air fhàgail mu mheud thùsail a’ chaisteil air an talamh, mar thoradh air goid chlachan agus air sgàth a bhoith fosgailte do na siantan. Ach bha tùr ann le ballachan anns an robh tighead 1.5m agus co-dhiù trì ùrlairean a bha na sheasam aig taobh an ear an làraich, taigh-còmhnaidh bho dheireadh na 16mh no toiseach na 17mh linn agus togalaichean eile air an taobh an iar. Bha Caisteal a’ Chamais ann an comhstrì chinnidhean san Eilean Sgitheanach eadar Clann ’Ic Leòid agus na Dòmhnallaich. Bha e aig Clann ’Ic Leòid gu toiseach na 15mh linn, ach fhuair Dòmhnallaich Shlèite smachd air an uair sin agus ghlèidh iad sin gus an teisteanas sgrìobhte mu dheireadh mu chòmhnaidh sa chaisteal a’ dol air ais gu 1632. Ro 1689 bha an làrach air a thrèigsinn agus a’ dol bhuaithe gu luath. Olivia James Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: An Cnoc SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Slèite LINN: 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Olivia James Collection ID Maoin: 39529 KEYWORDS_GAELIC: