Dannsairean Gàidhealach, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgiathanach

Dannsairean Gàidhealach, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgiathanach

Dearbh-aithne: SLD_182_093 TUAIRISGEUL: Tha taisbeanadh de dhannsa Gàidhealach Albannach a’ dèanamh cur-seachad dhan phoball,’s dòcha aig Latha Fosgailte ann an Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Gàidhlig, ann an ceann a deas An Eilean Sgitheanaich. ’S iad Rae NicColla, Ailean agus Mairead Humphreys, Stan agus Seònaid Dhòmhnallach, Anna Prior, Sìle Nic Coinnich agus Seonag NicCòrcadail a tha a’ gabhail pàirt. Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 ann an seann sabhal ann an Ostaig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Bha na toglaichean seo le oighreachd MhicDhòmhnaill roimhe seo. B' e a' chiad amas aig an t-Sabhal leabharlann Gàidhlig a stèidheachadh ach san ùine fhada, b' e am plana colaiste tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh a bhiodh a' toirt seachad foghlam àrd-ìre do luchd na Gàidhlig sa chànan aca fhèin agus ann an suidheachadh dùthchail. Bha an t-amas ann cuideachd cothrom a thoirt do dhaoine a bha bàidheil don chànan a h-ionnsachadh. Chaidh na clasaichean samhraidh, clasaichean oidhche agus tachartasan Gàidhlig am meud gu mòr agus tha a' cholaiste a-nis na pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus i a' toirt seachad làn chùrsaichean ceum tro mheadhan na Gàidhlig. A bharrachd air a' chànain is a' chultar fhèin, bidh a' cholaiste cuideachd a' toirt seachad cùrsaichean anns na meadhanan, ann an craoladh Gàidhlig ann an IT agus gnìomhachas air campus ùr, Àrainn Chaluim Chille, anns a bheil na goireasan as ùire. Olivia James Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Ostaig SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Slèite LINN: 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Olivia James Collection ID Maoin: 39538 KEYWORDS_GAELIC: