Dearbh-aithne:SLD_188_2_6_02TUAIRISGEUL:Rugadh Mairead NicDhòmhnaill, a rinn an dealbh seo, ann an Karachi, agus chuir i seachad na bliadhnaichean tràtha de a beatha an sin. Chaidh an dealbh dhathail àlainn seo a dhèanamh anns na 1960an, nuair a bha Mairead is a piuthar Catrìona a’ fuireach ann an Lunnainn còmhla ri am pàrantan. ’S mathaid gun deach an dealbh a dhèanamh agus i a’ cuimhneachadh air seallaidhean is sgeulachdan bhon ùine a chuir i seachad ann an Karachi.
Os cionn na deilbh, tha an seann-sgeul air a sgrìobhadh gu fuaimneachail bho Hindi, leis an sgriobt thùsail a’ tighinn bho Devangari, an sgriobt àbhaisteach sa chànan Hindi. Tha an seann-sgeul ann an Hindu air a sgrìobhadh ann an stoidhle bhàrdail, liriceach coltach ri sonaid. Tha dealbh Maireid a’ gabhail a-steach ìomhaighean bhon dùthaich, nam measg tìgearan, teampaill agus sealgairean air eich. Sgrìobh Mairead air cùl na deilbh, ‘tìgear pantomaim!’
Chruthaich Mairead is Catrìona le chèile cruinneachadh mòr de dhealbhan is de dhealbhachadh, nam measg beachdan airson pàipear-balla, aodach agus obair-chriadha, cuide ri lethbhreacan do thaighean-tasgaidh.
’S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean, cuir post-d gu Skye and Lochalsh ArchivesÀITE:Chan eil seo iomchaidhCREATOR (AV):Mairead MacdonaldLINN:1960anNEACH-FIOSRACHAIDH:Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch AillseCRUINNEACHADH:Catriona and Mairead MacdonaldID Maoin:39547KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath