An Dealbh de Dhearg mac Deirg

An Dealbh de Dhearg mac Deirg

Dearbh-aithne: SLD_188_2_7_07 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo le Mairead NicDhòmhnaill a dhèanamh anns na 1960an, agus ’s e tè bhon t-sreath ‘bhruadair’ aice a th’ innte. Cuide ris an t-sreath bhruadair, bha sreath ‘eadar-sgeul’ aice agus sreath ‘b’ ann caran mar seo a bha e’. Bha Gàidhlig an lùib tòrr de na cartùnaichean aice, agus gu math tric bhiodh cruthan-tìre is cruthan-mara Gàidhealach a’ nochdadh annta. Anns an dealbh seo, tha Mairead air a riochd fhèin a chur air Laoidh Dhiarmaid. Tha Diarmad, an gaisgeach Gàidhealach, gu math tric a’ nochdadh ann am fionn-sgeòil, sgeulachdan agus òrain. Do-ionnsaichte ann am batail, bhiodh a chuid nàimhdean a’ beachdachadh air dòighean anns an toireadh iad dùbhlan dha airson a’ chùis a dhèanamh air. Thug na nàimhdean aige air fiadh-thorc a thomhas, an toiseach bho a shròin gu a shàil. Nuair a bha seo dèante, ghairm iad air a thomhas a-rithist, ris a’ ghaoisid. Chaidh tè de ghaoisidean an tuirc a-steach dhan chas aig Diarmaid agus thraogh e air fuil. Tha Gràinne, leannan a chridhe, a’ seinn aig leabaidh a bhàis. Tha riochdan eadar-dhealaichte air an clàradh de sgeulachdan Dhiarmaid. Tha cunntas aig Iain Òg Ìle mu na traidiseanan fa leth co-cheangailte ri Laoidh Dhiarmaid ann an Popular Tales of the West Highlands, Vol lll a chaidh fhoillseachadh ann an 1892. Tha cruth eile ann an Songs of the Hebrides, Vol l, le Marsaili Cheanadach-Fhriseal is Coinneach MacLeòid, a chaidh fhoillseachadh ann an 1909. ’S dòcha gun robh Mairead NicDhòmhnaill air an dà leabhar seo fhaicinn. Tha an rann a thagh i airson na deilbh a’ tighinn bho Songs of the Hebrides, agus tha e air eadar-theangachadh an sin mar: "Dearg mac Deirg bu tu cridhe an iùil, leis an seinnteadh gu ciùin a’ chruit, leis an seinnteadh gu ciùin a’ chruit, air an laoch cha do dhearg am fraoch, ged a ghiùgadh mo ghaol le tuirc.” Anns an dealbh seo, tha gràineag aig Maireid seach torc. Tha i ag ràdh air a’ chùl, mun obair-ealain aice fhèin, ‘Chan eil casan na gràineige ceart. Cha bu chòir do na h-òrdagan mòra a bhith ann an loidhne leis na h-òrdagan eile.’ Cleas tòrr de na dealbhan aice, tha Mairead a’ cleachdadh bheathaichean mòra is luchd-cogaidh annasach air a bheil sgiathan. Chruthaich Mairead is Catrìona le chèile cruinneachadh mòr de dhealbhan is de dhealbhachadh, nam measg beachdan airson pàipear-balla, aodach agus obair-chriadha, cuide ri lethbhreacan do thaighean-tasgaidh. B’ i Mairead a-mhàin a bhiodh a’ cleachdadh Gàidhlig anns na dealbhan aice, agus annta sin bhiodh i a’ sgrìobhadh a h-ainm, “Màiread NicFhionghinn NicDhòmhnuill”. ’S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean, cuir post-d gu Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Chan eil seo iomchaidh CREATOR (AV): Mairead Macdonald DEIT: 1965 LINN: 1960an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Catriona and Mairead Macdonald ID Maoin: 39554 KEYWORDS_GAELIC: