Aibidil na Gàidhlig le Craobhan - T (Teine - Furze)

Aibidil na Gàidhlig le Craobhan - T (Teine - Furze)

Dearbh-aithne: THCCLL_GAELICTREEALPHABET_18 TUAIRISGEUL: Chaidh a' bhratach seo a chruthachadh le sgoilearan Bun-sgoil Achd Ille Bhuidhe. San Earrach 2007 ghabh fichead bun-sgoil ann an Rois is Cromba pàirt ann am pròiseact a bha ag amas air bratach a chruthachadh a bhiodh a' taisbeanadh Aibidil Chraobhan ann an Gàidhlig. Tha 18 facail anns an Aibidil Chraobhan Gàidhlig agus gach fear aca gu dualchasach a' ceangal ri ainm craoibh. Chaidh na craobhan a chleachdadh gus a' chlann a chuideachadh ag ionnsachadh litrichean an aibidil Ghàidhlig. Tha caochladh dhreachan den aibidil ann a tha beagan eadar-dhealaichte bho chèile. Tha am fear seo air a thoirt à faclair Dwelly. Tha an litir 't' a' comharrachadh 'teine' an seann ainm Gàidhlig airson conasg. Dh'obraich ceathrar luchd-ealain às an àite, Sìne Bregazzi, Eilidh Crumlish, Teàrlag NicChoinnich agus Ròsaidh Newman, còmhla ri sgoilearan gus na brataich dhathte seo a dhèanamh, a' cleachdadh diofar sheòrsaichean de mhodhan obrach a' gabhail a-steach clò-bhualadh, peantadh agus measgachadh stuthan. Chaidh na brataichean a chlò-bhualadh air stuthan seasmhach gus brataichean dathte dràmadach a chruthachadh san robh 3 meatair de dh'àirde. Bha am pròiseact air eagrachadh le sgioba Foghlam Coimhearsnachd is Chur-seachdan Rois is Chrombaidh ann an Comhairle na Gàidhealtachd, le taic airgid bho Dhualchas Nàdair na h-Alba agus Maoin Thionnsgnadhan Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig. DEIT: 2007 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: The Highland Council - Community Learning & Leisure CRUINNEACHADH: Gaelic Alphabet Through Trees ID Maoin: 39942 KEYWORDS_GAELIC: