Dearbh-aithne:THCCP_DINGWALL_CURLINGTUAIRISGEUL:Buill a' Chlub Curlaidh anns a' Bhlàr Dhubh. Chaidh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh coimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership.
Tha Am Blàr Dubh trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath air Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarainn ainm an stèisein gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. ÀITE:Am Blàr DubhSGÌRE:Am Blàr DubhSIORRACHD/PARRAIST:ROS: UrrathCREATOR (AV):Alexander CollettDEIT:2004LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Highland Community Planning & Resources ProjectCRUINNEACHADH:Make the Muir Matter - Photographs of Muir of OrdID Maoin:39960KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath