Buidheann Dannsaidh Albannach, Am Blàr Dubh

Buidheann Dannsaidh Albannach, Am Blàr Dubh

Dearbh-aithne: THCCP_DINGWALL_DANCERS TUAIRISGEUL: Buill Buidheann Dannsaidh Albannach anns a' Bhlàr Dhubh, Siorrachd Rois. 'S iad, bhon làimh chli chun an làimh dheis (mullach) Ellen Cromb, Donnachadh Cromb agus Eleanor Innes (bonn) Frank Stephen, Wendy Stephen, Barbara Gòrdain agus Gladys Mhoireach. Chaidh am buidheann a chur air bhonn ann an 1977 agus tha mu 24 buill ann a bhios a' coinneachadh gach oidhche Luain tron gheamhradh ann an talla a' bhaile. Chaidh an dealbh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh coimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership. Tha Am Blàr Dubh trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath air Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarainn ainm an stèisein gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. ÀITE: Am Blàr Dubh SGÌRE: Am Blàr Dubh SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Urrath CREATOR (AV): Alexander Collett DEIT: 2004 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Community Planning & Resources Project CRUINNEACHADH: Make the Muir Matter - Photographs of Muir of Ord ID Maoin: 39961 KEYWORDS_GAELIC: