Dearbh-aithne:ULMPH_2000_0100TUAIRISGEUL:Chithear trì carbadan air an tarraing le eich san dealbh-chamara seo a chaidh a thogail ann an Ros an iar an àiteigin ann an sneachd a' gheamhraidh. Tha carbadan le cuibhlichean a th' ann an dhà dhiubh ach s' e slaodan a tha san tritheamh fear. Tha an duine ri taobh a' charbaid air an taobh chlì na sheasamh ri taobh ciste le comharra GPO (Post Oifis Coitcheann) air agus 's dòcha gun deach grunn phocannan a' phuist agus parsailean a thoirt don àite-coinneachaidh seo le carbadan eile. Tha a h-uile coltas gur e luchd-siubhail aig seirbheis charbad a' phuist a tha san duine 's am boireannach a tha nan suidhe air an t-slaodan. Bhiodh seirbheis charbad a' phuist a' dol eadar Gharbh is Ulapuil.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool MuseumÀITE:AchnaclerachSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch BhraoinNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh UlapuilCRUINNEACHADH:Ullapool Museum Photographic CollectionID Maoin:40042KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath