Na peathraichean Caimbeulach às An Dòrnaidh, sgìre na Còigeach
Dearbh-aithne:ULMPH_2000_0305TUAIRISGEUL:Ceathrar den chòignear pheathraichean Caimbeul às an Dòrnaidh, sgìre na Còigich. Bho chlì gu deas tha Beasaidh, Anna, Bella agus Babs. Chan eil am piuthar eile Seasaidh, no an dithis bhràithrean, Iain agus Seòras, anns an dealbh idir.
Bha ochdnar chloinne aig a’ cheannaiche Murchadh Caimbeul c1852 (mac Alasdair (1813-1898) agus Seasaidh (1829-1912)) agus a bhean Alexina: Jessie May (r 1889), Seòras (r 1890), Alasdair (1892), Anabal ‘Anna’ (r 1894), Barbara Allan (r 1896), Iain (r 1898), Betsy ‘Beasaidh’ (r 1900) agus Iseabail (r 1902). Rugadh Alexina, air an robh Alexina NicÌomhair, ann an Taigh Sgoraig.
Bha gnìomhachas marsantachd aig an teaghlach san Dòrnaidh, air an robh Bùth na Dòrnaidh (b’ e Caimbeulaich na Dòrnaidh a bh’ air an teaghlach). Bha Seasaidh, Bella, Iain agus Seòras a’ ruith na bùtha fhad ’s a bha na peathraichean eile a’ fuireach agus ag obair air taobh an iar Alba mu sgìre Ghlaschu. B’ ann leis an teaghlach a bha a’ bhùth airson 150 bliadhna agus thathar a’ smaoineachadh gur e seo tè de na ciad bùthan ann an Siorrachd Rois a bha a’ toirt seachad creideas.
Cha do phòs gin de na seachd Caimbeulaich.
[’S i Nina NicCoinnich (Kennethina NicÌomhair, 1920-1999) a thug an dealbh seo do Thaigh-tasgaidh Ullapuil.]
’S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu Ullapool MuseumÀITE:An DòrnaidhSGÌRE:Taobh an Iar Dheas RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch AillseDEIT:1920LINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh UlapuilCRUINNEACHADH:Ullapool Museum Photographic CollectionID Maoin:40190KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath