Sgioba na sgoth-seòlaidh 'Vida' 's an duine aig an robh i le a theaghlach
Dearbh-aithne:ULMPH_2000_0547TUAIRISGEUL:Seo sgioba na iacht Vida timcheall Loch Bhraoin, agus an duine aig an robh i, Mgr Wylie Màrtainn agus a mhac 's a nighean. 'S e luchd na sgioba bho chlì gu deas D. MacIllEathain, Danaidh MacCoinnich agus Iain MacCoinnich.
Sna 1920an bha e na fhasan aig fir o bhailtean beaga, mar an Leitir, Logaidh agus Ruigh Ruadh air taobh a tuath Loch Bhraoin, falbh tràth as t-samhradh airson obair fhaighinn ann an sgioba air na sgothan rèisidh a bh' aig daoine beairteach le gnìomhachasan no le talamh. Bha an ràith aig seòladh nan sgothan a' freagairt glè mhath ri bliadhna na croitearachd agus an àiteachais. Nuair a bhiodh obair thràth na bliadhna deiseil - a' mhòine air a buain as t-earrach agus an sìol air a chur - bhiodh cothrom aig na croitearan falbh air na sgothan-seòlaidh fad an t-samhraidh agus tilleadh gu na croitean aca airson obair an fhoghair
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool MuseumSGÌRE:Loch BhraoinSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch BhraoinNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh UlapuilCRUINNEACHADH:Ullapool Museum Photographic CollectionID Maoin:40331KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath